Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,419 playable programmes from the BBC

Cho Luath 's a Ghabhas

Deicheadan (Cuir-ris, toirt air falbh, a' cruinneachadh)

Duration: 20 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Thairis air an dàrna sreath de phrògraman, tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr. Agus, tha cudrom air na sgoilearan a bhith ag obrachadh a-mach freagairtean matamataig nan cinn cho luath 's a ghabhas agus nas luaithe na Bella!

Anns a' phrògram seo tha iad a' dol gu consart pop far a bheil aca ri sia ceistean a fhreagairt agus 's e deicheadan (cur-ris, toirt air falbh agus a' cruinneachadh) an earrann teagaisg.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.

Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More