Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,235 playable programmes from the BBC

Cho Luath 's a Ghabhas

Cur-ris is toirt air falbh

Duration: 20 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Thairis air an t-sreath tha Bella Bhragail agus Pòl Pongail a' stiùireadh sgoilearan gus na sgilean obair-cinn matamataigeach aca a leasachadh. Bheir iad air na sgoilearan a bhith ag obair an aghaidh a chèile, an aghaidh Bella agus Pòl agus an aghaidh a' ghleoca ann an suidheachadh a tha aotram agus tlachdmhòr.

Anns a' phrògram seo tha iad air chuairt gu croit Sheoc Bhàin ann an Uibhist far a bheil aca ri sia ceistean a fhreagairt agus 's e cur-ris is toirt air falbh naoi an earrann teagaisg.

Tha na prògraman air an dealbh gus taic a thoirt do chlann a tha ag obair a dh'ionnsaigh na dara ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tha iad cuideachd a' sealltainn cho cudromach 's a tha obair-cinn matamataigeach anns an fharsaingeachd agus anns an t-saoghal mhòr, chan ann a-mhàin a thaobh obair sgoile.

Tha na ceistean 's nam freagairtean a tha anns a' phrògram rim faighinn anns na notaichean tidseir, cuide ri ceistean cruaidh eile, agus tha iad sin rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam.

Producer Una MacDonald. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More