Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,430 playable programmes from the BBC

Tormod a' Bhocsair @ 70

Episode 5: Làithean tràth Thormoid an Dùn Èideann

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.

Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dàmhair 2012, dh' iarr sinn air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod.

An Dùn Èideann tha e a' dèanamh dealbh air an taigh far a robh e fhèin agus balaich eile bhon taigh a' fuireach agus mar a chuir e eòlas air fear à Obair Dheathain a bha san aon rùm ris a bha na phoileas an Dùn Èideann. Dh'ionnsaich Tormod tòrr bhuaithe mu dhaoine a chuir e gu feum a' dealbhachadh charactaran sna nobhailean agus na sgeulachdan aige às dèidh sin.

Bha Tormod ag obair aig a' rèile aig an àm sin agus cha bheag na sgeulachdan a th'aige mu obair agus mu na bha tachairt dha fhèin agus balaich Leòdhais nuair a gheibheadh iad cruinn.

Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More