Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,087 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 7

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns an t-seachdamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1965 agus 1970. An t-seachdain-s' trìuir a bha na laoich aig a' Chomunn a' cuimhneachadh air mar a bha iad a' sàs ann an obair a' Chomuinn - Dòmhnall Iain MacAoidh a bha na stiùiriche air a' Chomunn agus a thug atharrachadh agus ùrachadh air, Donnchadh Macleòid ag innse mun obair a bh' aige a' cumail fiosrachadh ri na meadhanan mu na bha An Comunn Gàidhealach a' dèanamh airson na Gàidhlig agus Seasaidh Camshron a' cuimhneachadh mar a chaidh dhan bhuidhean dràma Gàidhlig san robh i sna cuairtean deireannach de dhràma an SCDA anns na 60an. Am measg nan seinneadairean a chluinneas sinn bidh Iain Murchadh Moireasdan agus Màiri NicArtair. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More