Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,087 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 6

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns an t-siathamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1956 agus 1965. An t-seachdain-s gheibh sinn dealbh bho Dhòmhnall Iain MacIlleathainn air Cnoc nan Ròs ann a sgìre Rois, far am biodh Campa na h-Òigridh dha chumail agus iomradh bho Mhurchadh Macleòid air co-labhairt mòr air foghlam a chaidh a chumail ann ann a 1962. Dh'fhosgail Aitreabh nan Gaidheal ann a 1962 agus cluinnidh sinn Eoghainn Mac a' Phì le criomag bhon fhosgladh. A thuilleadh air a sin, tha Seonag NicLeòid a' cuimhneachadh air a' là a bhuannaich i fhèin am bonn òr agus gheibh sinn blasad de chuid dhan fheadhainn eile a bhuannaich duaisean eile aig a' Mhòd sna bliadhnaichean eadar 1956 agus 1965. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More