Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 5

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns a' chòigeamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1950 agus 1955. Cluinnidh sinn mar a thòisich An Comunn a' cur clasaichean Gàidhlig air adhart anns na feasgairean air feadh na dùthcha mun àm-sa agus mar a thòisich an iris Gairm ann a 1952. Tha Ina Nic a' Mhuillear a' cuimhneachadh air Dòmhnall MacPhàil a bha na fhear-deilbh aig a' Chomunn Gàidhealach an ceann a tuath Alba airson fichead bliadhna agus tha Dòmhnall Iain Mac Illeathainn cuideachd a' coimhead air ais air an ùine a chuir e seachad san aon dreuchd as deidh sin. Cluinnear cuideachd earann de dh'òraid-fosglaidh a' Mhòid ann a 1953 le Aonghas Lewis Dòmhnallach a bha na Phrìomhaire an Albainn Nuadh aig an àm. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More