Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 4

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns a' cheathramh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1936 agus 1950. Cluinnidh sinn iomradh air "An Gàidheal", paipear mìosail a' Chomuinn Ghàidhealaich agus cuimhneachain air Dòmhnall Mac a' Phearsain, Dòmhnall nan Cleas, à Barraigh a bhiodh a' dèanamh cleasan agus spòrs còmhla ris an fheadhainn a bha dol gu campaichean Comunn na h-Òigridh anns na 30an. Bidh Mairead cuideachd a' cluinntinn mu na bha An Comunn a' foillseachadh a thaobh leabhraichean-sgoile anns na 30an agus na 40an. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More