Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 3

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den bhuidheann am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns an treas prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1929 agus 1936. 'S ann anns na bliadhnaichean sin a thòisich Càmpaichean Comunn na h-Òigridh agus tha Calum agus Seonag Nicleòid a' cuimhneachadh air nuair a bha iad fhèin dham frithealadh. Bha ùidh aig a' Chomunn Gàidhealach anns na gnìomhachasan beaga a bha dol sna h-eileanan agus tha Seonaidh Moireasdan a' bruidhinn air mar a chuir an Comunn Sìne NicLeòid à Grianaig a Nis a dh'ionnsachadh do mhuinntir na sgìre mar a dhèanadh iad rugaichean. Bha seo airson am brosnachadh gus iad fhèin an dèanamh agus cosnadh a dhèanamh asda. Agus tha Donnchadh 'Major' Moireasdan ag innse mar a fhuair e bursaraidh bhon Chomunn ann a 1932 airson trèineadh fhaighinn ann an ceòl. Am measg na seinneidearan a chluinneas sinn tha Madge NicIlleDhuinn agus Dòmhnall MacIosaig. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More