Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Bliadhna na Gàidhlig

Episode 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.

Anns a' chiad phrògram tha Mairead a' dol air ais gu toiseach tòiseachaidh agus a' mìneachadh mar a thàinig a' bhuidheann gu bith anns an Òban ann a 1891. Bha iad gu mòr a' coimhead ri foghlam Gàidhlig agus ag iomart airson barrachd Gàidhlig a bhith air a theagasg sna sgoiltean. Anns a' phògram cluinnidh sinn cò ris a bha foghlam coltach ann 1874 bho chlann à Sgoil Bhagh a' Chaisteil agus mu obair a' Chomuinn anns an bliadhnaichean tràth bho Dhòmhnall Iain MacÌomhair. Gheibhear cuideachd fiosrachadh mu chuid de na duaisean aig na Mòdan sna bliadhnaichean sin agus blasad de na seinneadairean. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More