An earann mu dheireadh dhen turas againn mu Chuairt Eilean Eige còmhla ri Dòmhnall Camshron nuair a bha e ann ann 1 2012. Tha an t-eilean a' comharrachadh 20 bliadhna bho chaidh a cheannach leis a' choimhearsnachd agus 's iad dithis a bhuinneas dhan eilean, Donnchadh MacFhearghais agus Iain Caimbeul a bha a' stiùireadh Dhòmhnaill. A thuilleadh air tadhal air Cill Donain agus uaigh Lochlannach air an eilean, tha iad aig Taigh Iain Dhonnchaidh an Cliatal, a tha an-diugh na thaigh-tasgaidh, agus cluinnidh sinn cuideachd mun eachdraidh fhada a th' aig baile-fearainn Làig. Show less