Tha muinntir Eilean Eige am bliadhna a' comharrachadh gu bheil 20 bliadhna bho chaidh an t-eilean a cheannach leis a' choimhearnsachd 's tha àireamh an t-sluaigh air èirigh bho mu 60 duine an uair sin gu còrr air 100 an-diugh. Ann a 2012 chuir Dòmhnall Camshron Cuairt mu Eilean Eige còmhla ri dithis a bhuineas dhan eilean, Donnchadh MacFhearghais agus Iain Caimbeul. Gheibh sinn dealbh air an eilean bhuapa, cluinnidh sinn mu sgìre Ghrùlain agus mu dheidhinn an òige fhèin air an eilean. Gheibh sinn cuideachd iomradh air pìobaire ainmeil a bh' air an eilean, Dòmhnall MacGuaire. Show less