Chan eil càil coltach ri bhith a-muigh air a' mhuir air latha breàgha ann am bàta-siùil, gun càil ach a' ghaoth ga do thoirt gu cala ann an àite sam bith a bu mhiann leat. 'S e saorsa dha-rìreabh a th' ann, gu h-àraid do dhaoine a tha glaiste staigh aig an obair tron t-seachdain. Chì sinn gu bheil gnìomhachas air fàs timcheall bàtaichean nan cur-seachad anns na marinas a tha a' nochdadh air feadh na dùthcha.
Anns a' phrògram seo tha Niall Caimbeul a' gabhail sgrìob a-mach à Eilean Bheàrnaraigh, Uibhist a Tuath, ann a' gheat Aonghais MhicPhàil à Cairinis.
Tha Niall a' faighinn beagan eòlais air an obair a th' ann a' làimhseachadh bàta dhan t-seòrsa seo.
Còmhla riutha cuideachd tha Dòmhnall MacIllEathain à Beàrnaraigh, a tha air a bhith ag obair air aiseag Caolas na Hearadh bliadhnaichean mòra, agus mar sin tha mion-eòlas aige air a h-uile sgeir agus suaile anns a' chaolas. Show less