Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

A-Muigh

Series 1

Coilltearachd

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Bho chionn fhada ann an Alba bha craobhan rim faicinn air feadh na dùthcha, ach beag air bheag chaidh an leagail gus an do thòisich Coimisean na Coilltearachd a' cur chraobhan aig àm a' Chiad Chogaidh. Bhon uair sin tha an Coimisean air fàs nas mothachail de bhith a' glèidheadh na h-àrainneachd timcheall air na coilltean agus cuideachd dham fosgladh airson cur-seachad do dhaoine. Tha barrachd choimhnearsnachdan a-nis a' faighinn cothrom air coilltean a cheannach airson an ruith dhaibh fhèin.
Anns a' phrògram seo tha sinn a' tadhal air trì coilltean eadar-dhealaichte. Ann an Cinnseaborg anns an Eilean Sgitheanach, tha a' choimhearsnachd air a' choille a sin a cheannach bho Choimisean na Coilltearachd agus a' dèanamh feum dhi le bhith a' leagail na seann chraobhan, a' cur feadhainn ùr nan àit', agus a' dèanamh cuairtean-coiseachd tron choille dhan phobull.
Tha coille Langais ann an Uibhist a Tuath cuideachd leis a' choimhearsnachd, agus tha iad fhèin a' dèanamh feum dhi le cuairtean-coiseachd agus gu h-àraid pròiseact anns an robh Taigh Chearsabhagh a' sàs còmhla ri clann à Sgoil Chàirinis.
Tha an treas coille air a bheil sinn a' tadhal anns a' phrògram, ann an Ratharsaigh, far a bheil Gilleasbuig a' faicinn coille le Comisean na Coilltearachd ga leagail le inneal gu math cumhachdach. 'S e coille gu math sean a th'ann agus deiseil airson a gearradh seach gu bheil cuid de na craobhan a' tuiteam. Tha a' mhòr-chuid dhen fhiodh a' dol a dh'Inbhir-Nàrann chun a' mhuileann-sàbhaidh ann an sin, ach tha pàirt dheth a' siubhal cho fad' air falbh ris a' Bheilg.

Chaidh am prògram a chraoladh an toiseach ann an 2012. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More