Thairis air an t-sreath bidh Sàra agus Liam, a tha ag obair ann am bùth siubhail, a' toirt seachad fiosrachadh mu chuid de na dùthchannan air a bheil iad a' cur eòlas nan obair. Tron seo tha sinn a' cluinntinn sgeulachdan agus pìosan ciùil a bhuinneas do dhiofar dhùthchannan.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mu cheòl à Sìona agus sgeulachd mu ghille bochd a fhuair duiseal gu math annasach. 'S e amas an teagaisg a bhith a' cruthachadh pìosan ciùil le tuigse air cumadh, ruitheam agus co-sheirm shìmplidh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean gus ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less