Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.
Seo am prògram mu dheireadh san t-sreath agus gheibhear cothrom èisteachd ri sgeulachd Na Trì Lèintean Canach air fad. Cluinnear cuideachd na h-òrain agus na pìosan ciùil a rinneadh ann am prògraman 6-9 agus faodaidh a' chlann iad seo a chleachdadh mar bhunait airson dràma-ciùil.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less