Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.
An-diugh, a thuilleadh air a bhith ag ionnsachadh mu bhith a' deasbad mud obair fhèin agus mu obair chàich, cluinnear mar a thug prionnsa leis an nighean agus mar a chuir i crìoch air na trì lèintean canach gun aon fhacal a ràdh. Tha a bràithrean a' tilleadh agus tha an teaghlach a' dol a choimhead air bean an rìgh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less