Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.
An-diugh, anns a' chiad earrann dhen sgeulachd, cluinnear mun rìgh aig an robh triùir mhac agus aon nighean. Dh'eug a' bhean, agus an ceann ùine phòs e a-rithist. Nuair a rugadh gille beag, dh'fhàs a' bhean ùr mì-thoilichte nach b' e esan a bhiodh na oighre, agus chuir i roimhpe a' chlann eile a chur às an rathad. Dh'iarr i cuideachadh air bana-bhuidseach ainmeil - an Eachlair Urlair, agus nuair a chuir i an triùir ghillean dhan taigh aice, b' e trì fithich a thàinig às!
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less