Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.
An-diugh, thathas a' toirt sùil air ais air na chaidh ionnsachadh anns na ceithir prògraman mu dheireadh: a' cleachdadh ruitheaman gus dealbh-ciùil a chruthachadh, a' dèanamh phàtran de dh'fhuaimean agus gan gleidheadh, a' cruthachadh ruitheaman is a' cur fuinn riutha agus a' cluich fhonn as dèidh an cluinntinn.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less