Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,760 playable programmes from the BBC

Tìr a' Chiùil

Bean à Sasainn

Duration: 20 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol air adhart gu farpais.

An-diugh, 's e amas an teagaisg a bhith a' cluich fhonn an dèidh an cluinntinn. Cluinnear mar a chaidh do dhuin' uasal dhe na Dòmhnallaich nuair a b' fheudar dha teicheadh à Sasainn.

Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a tha air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.

Tro a bhith ag èisteachd agus ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chuir air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More