Anns an t-sreath seo tha Ceit agus Ruairidh a' tilleadh gu Innis nan Craobh gus Ruairidh a chuideachadh le ceòl agus òrain a chur ri filmichean a bhios a' dol gu farpais.
An-diugh, cluinnear mu chìobair òg a chaidh seachad air sìthean agus a chuala guth na h-ìghne a bha e dol a
phòsadh agus tha Ceit agus Ruairidh a' dèanamh phàtran de dh'fhuaimean agus ag inns mar as urrainn an gleidheadh le dealbhan no sgrìobhadh.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais agus tha na sgeulachdan a th' air an cleachdadh a' tighinn o bheul-aithris.
Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh agus ionnstramaidean a chluich, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, ceòl a chruthachadh, eòlas a chur air dòighean airson ceòl a sgrìobhadh agus faclan ùra co-cheangailte ri ceòl ionnsachadh agus a chleachdadh. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less