Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,487 playable programmes from the BBC

A-Muigh

Series 1

A' dàibheadh airson creachain

Duration: 1 minute

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha inbhe maorach air èirigh thairis air na ginealaich bho bhith na bhiadh a bhiodh aig an duine bochd gu biadh an duin' uasail. 'S e an taghadh as daoire a gheibh thu air clàr-bìdh na làithean-s'. Tha Murchadh MacAmhlaigh às an Òb anns na Hearadh air a bhith a' dàibheadh airson iomadach bliadhna agus anns a' phrògram seo bho 2012 tha Fiona NicIllinnein a' faighinn cothrom a dhol a-mach còmhla ris a dh'iarraidh dhà neo trì chreachain. Bidh Murchadh dhan reic ri na taighean-òsta agus taighean-bìdh anns na Hearadh as t-samhradh, agus abair gu bheil fèill orra!

Tha e a' toirt poc sìos leis a bhios e a' lìonadh le creachain, le put' gu h-àrd, ach am faic am balach a th'anns a' bhàta còmhla ris far a bheil e. Bidh e dol sìos dà uair nuair a bhitheas e a-muigh, a' cleachdadh aon bhotal de dh'aidhear gach turas.

Cluinnidh sinn mun deise a dh'fheumas a bhith air agus an uidheamachd a th'aige airson dàibheadh, beagan mu dheidhinn an seors' obair a th'air a bhith aige thar nam bliadhnaichean agus cuideachd facal air na soithichean a th' air grunnd na mara a tha e air fhaicinn. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More