Thairis air an t-sreath, tha Ceit agus Ruairidh a' cuir ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris.
Anns a' phrògram seo tha sinn ag ionnsachadh mar as urrainn ceòl a riochdachadh le dealbh no pàtran agus a' cluinntinn mar a bhuinnig tàilleir geall gun cuireadh e seachad oidhche ann an seann chladh far an robh taibhs.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less