Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
Tha an t-sreath phrògraman a' tighinn gu ceann a seo agus Fionnlagh a' stad aig muilleann Dhail agus e ag innse mu na muilnean eile timcheall. Thug fear as a' sgìre, Aonghas Gunna, rannan do dh' Aladsair MacIlleMhicheil nuair a bha e a' cruinneachadh airson Carmina Gadelica agus tha Fionnlagh dhan aithris agus ag innse mun cheangal a bh' aig Aonghas Gunna ri Rònaigh. Gheibh sinn a-mach bhuaidhe cuideachd ciamar a bha balaich Iain Ghunna ag aithneachadh gu robh an talamh deiseil airson curachd.
Thachair Fionnlagh ris a' phost, Murchadh Moireasdan, agus dh'innis e dha beagan mu obair postaireachd agus mun obair a bhiodh e a' dèanamh aig an àm le na maor-chladaich.
Bha Murchadh 'an Gunna mac Dhòmhnaill Buidhe à Cros ainmeil airson rudan a bhiodh e ag ràdh agus tha Fionnlagh a' toirt dhuinn craiteachan dhiubh sin. Agus tha Màiri Nic a' Ghobhainn a' seinn dà òran a rinneadh do dh'fhear as a' sgìre air a robh Aonghas Buachaille. Tha e coltach gun chuir dithis bhoireannach sùil ann agus gun rinn an dithis òran dha! Show less