Thairis air an t-sreath, tha Ceit agus Ruairidh a' cuir ceòl agus òrain ri filmichean stèidhichte air sgeulachdan o bheul-aithris. An-diugh tha' d ag obair air film mu Phìobairean Smearcleit agus ag innse dhuinn mu bhith a' seinn òrain de dhiofar seòrsa.
Cha robh an gille a b' òige san teaghlach seo idir math air pìobaireachd mar a bha athair agus a bhràithrean. Cluinnear anns an sgeulachd mar a thug bodach-sìth comas dhan ghille a bhith air leth math air cluich - fada na b' fheàrr na pìobairean ainmeil a thàining air chèilidh aon latha.
Tha na prògraman seo air an cruthachadh gus taic a thoirt do dh'obair ann an ceòl aig a' chiad 's an dàrna ìre den Churraicealam airson Sàr-mhathais. Tro a bhith ag èisteachd 's ag obair le na prògraman, bheir iad cothrom dhan chloinn: an guthan a chleachdadh, tuigse fhaighinn air bunaitean a' chiùil, èisteachd le tuigse ri ceòl, còmhradh mu cheòl agus eòlas a chuir air faclan co-cheangailte ri ceòl. Tha notaichean tidseir rim faighinn aig bbc.co.uk/foghlam. Show less