Ann a 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
A seo tha Fionnlagh a' coinneachadh ri Tormod Mac a' Ghobhainn aig Carragh Cuimhne Cogaidh Nis agus tha e cuideachd a' faighinn facal air Murchadh Iain MacChoinnich, seinneadair à baile Chrois. Tha e a' bruidhinn cuideachd ri dithis, Seasaidh NicChoinnich agus Etta, a bha nan clann-nighean nuair a dh'fhalbh iad a dh'obair sna taighean-òsta air tìr-mòr. Agus cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd air a bheil Còmhradh eadar Duine agus Cliabh Mònach a rinn Bèicear Dhòmhnaill Uilleim. Show less