Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,767 playable programmes from the BBC

Mu chuairt Sgìre Nis

Episode 7

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann an 2002 thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.

An seo tha Fionnlagh a' faicinn na tha dol aig clas giotar ann an Taigh Dhonnchaidh agus a' faighinn a-mach mu obair Comann Eachdraidh Nis bho Mhàiri NicChoinnich. Tha e cuideachd a' coinneachadh ri Tina Cupid a bha air ùr thilleadh a Nis as deidh a bhith fuireach thall thairis.

Cluinnidh sin grunn phìosan bàrdachd agus òrain - Colann gun Cheann a fhuaireadh bho Thormod Ruadh à Tàbost, O Leòdhais mo Ghràidh a rinn Calum MacIlleathainn agus Òran a' Bhàthaidh Mhòir. Gheibh sinn cuideachd dealbh bhuaidhe air Murchadh Alasdair Mhòir, bàrd eile à Nis. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More