Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,845 playable programmes from the BBC

Eilean Mhanainn

Episode 1: Gàidhlig Eilean Mhanainn

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Eilean Mhanainn - eilean beag am meadhan a' Chuain Eireannaich. Tha e ainmeil airson cìsean ìosal, an TT Rally - agus seòrsa de chat annasach gun earball! Ach tha ceanglaichean làidir eachdraidheil aige ri Alba agus tha a' Ghàidhlig aca gu math faisg air a' chànan againn fhìn.

Aig toiseach an Iuchair 2011, ghabh Iain MacIllechiar cuairt dhan eilean airson beagan fhaighinn a-mach mu chànan agus a dhualchas - agus ged a chaochail an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Mhanainneach bho ghlùin a mhàthar ann an 1974, mar a fhuair Iain a-mach, tha a' chuibhle a' dol mun cuairt, agus tha ath-bheothachadh a' tighinn. Anns a' chiad fhear de dhà phrògram, tha Iain a' toirt sùil air a' chànan agus a' coinneachadh ri cuid de na daoine a tha ga bruidhinn. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More