Ann an 2002, thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Robhanais agus Dail bho Dheas.
Anns an dàrna prògram air a chuairt tha e ag innse mu eachdraidh Teampall Mholuaidh agus Teampall Rònain ann an Eòrapaidh. Tha ùidh mhòr aige cuideachd ann an tobraichean agus tha iomradh aige air Uisge na Comraich agus Tobar Rònain. Agus cha robh dìth bàrdachd anns an sgìre agus tha Fionnlagh ag innse mu Gheinidh agus mun àite a bh' aig Britheamhan Nis anns an òran An t-Iorram Niseach a tha Màiri Nic a' Ghobhainn a' seinn anns a' phrògram. Tha e cuideachd ann an còmhradh ri Cairistiona Mhoireasdan 's i ag innse mun bhùth a bh'aig a màthair, Bùth Màiri Catriona. Show less