1. A' Chearc agus an Uiseag: Fuaimean a tha àrd agus ìseal
Anns a' phrògram seo, tha Anna a' coinneachadh ri feadan draoidheil, Freadaidh, a tha ga toirt gu Tìr nan Eun far an cluinn i mar a rinn cearc agus uiseag òran beag. Cluinnear fuaimean àrda agus fuaimean ìseal anns an taigh.
2. Òran a' Rìgh: Fuaimean a tha a' dol suas agus a' dol sìos
Tha Freadaidh a' toirt Anna air chuairt gu Tìr nam Beanntan Àrda far am faigh i cothroman gu leòr a bhith a' dol suas agus a' dol sìos. Cluinnidh i cuideachd mar a rinn Rìgh Tìr a' Chiùil òran. Cluinnear an dùdach aig einnsean-smàlaidh a' dèanamh fuaim a tha a' dol suas agus a' dol sìos.
Series supporting children learning about music at the first stages of the Curriculum. Show less