Ann an 2002, thill Fionnlagh Macleòid gu sgìre a bhreith agus àraich, sgìre mhòr Nis ann an ceann a tuath Leòdhais, airson sreath phrògraman a dhèanamh. Thadhail e air na bailtean eadar Rubha Ròbhanais agus Dail bho Dheas.
Anns a' chiad phrògram, tha e os cionn Tràigh Shanndaigh agus a' toirt iomradh air bàthadh Chunndail a thachair ann an 1885. Tha e cuideachd aig a' Luchraban agus aig Toll a' Roimh an iar-dheas air Rubha Ròbhanais. Agus cha b'urrainn do Niseach no do dhuin' eile a dhol a Nis gun facal a ràdh mun taigh-sholais. Cluinnidh sinn cuideachd bhuaithe mu Thràigh Stoth agus carson cuideachd a bhiodh muinntir an àite a' gabhail deoch à Fuaran Stoth. Agus airson crìoch a chur air cùisean tha Fionnlagh ag aithris cuid de bhàrdachd eirmseach Mhurchaidh Chròic à Eòrapaidh. Show less