Fhads a bha Calum a' teagaisg ann an Àrd-Sgoil Uddingston ann a Siorrachd Lannraig thachair uabhas nuair a mhuirt Peter Manuel aon de na sgoilearan aige. Tha Calum ag innse buaidh sin air fhèin agus air a' sgire. Chaidh e an uairsin os cionn Sgoil Loch Goil ann an sgire a bha ùr agus inntinneach dha.
San ùine a bha e ann a Ceann Loch Goil fhuair e cothrom a bhith toirt beachd air prògraman telebhisean do riochdaire, Sinclair Aitken aig a' BhBC, agus nuair a nochd obair ann an telebhisean cha b'e ruith ach leum, agus e rudeigin duilich a-nis mu cho beachdail agus a bha e air a bhith mu phrògraman dhaoin' eile! Chuir e naoi bliadhan seachad na riochdaire ann an telebhisean aig a' BhBC a' dèanamh phrògraman leithid Exploring Scotland.
Fhuair e cuideachd cothrom sia mìosan a chuir seachad aig Playschool le Cynthia Felgate a bha os cionn a' phrograim iomadach bliadhna. Fhuair e cuideachd air Mairead Nicleòid bhon chòmhlan na h-Òganaich fhaighinn air a' phrògram agus fhuair e mach cuideachd gu faca a' Bhanrigh e.
Chuir e seachad ùine cuideachd aig Oilthighean Shrathchluaidh agus Ghlaschu a' dèanamh phrògraman dhaibhsan. Ach cha robh gu leòr a sin dha, chuir e an uairsin companaidh neo-eisimeilach air chois dha fhèin, Lòchran Media, a rinn, am measg phrògraman eile, prògram iomraiteach air beatha nan Hiortach, Am Pòsadh Hiortach.
Bha Calum air a bhith sgrìobhadh o chionn iomadh bliadhna ann an raointean eadar-dhealaichte agus thòisich e an uair sin a sgrìobhadh leabhraichean do dh'inbhich - Suileabhan, Hiort - Far na Laigh a' Ghrian agus feadhainn eile, ach 's e an leabhar aige, Children of the Blackhouse bu mhotha a ghlac aire dhaoine.
An-uiridh nochd an leabhar aige Casan Searraich mu bheatha fhèin. Show less