Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Seinneadairean Cheap Breatainn

Peadar MacIlleathain

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Chaochail Peadar Jack MacIlleathain, Peadar Jack Pheadair Chaluim Ghobha, à Cùl Eilean na Nollaige an Ceap Breatann air an 11mh den Fhaoilleach 2013. Thogadh e ann an dachaigh a bha aithnichte mar fhìor thaigh-cèilidh agus b' e seinneadair cliùiteach a bh' ann fhèin. B' e saor a bh' ann agus chuir e seachad fichead bliadhna ag obair ann a Boston. Fhads a bha e sin chaidh iarraidh air seinn còmhla ri Seinneadairean a' Chladaich a Tuath aig Fèis Dùthchasach Newport Rhode Island agus aig Fèis Dùthchasach a Smithsonian. Nuair a thill e fhèin agus a' bhean, Mairead, gu Eilean na Nollaige sna seachdadan chaidh e sheinn comhla ri Seinneadairean Gàidhlig Shanndraidh. Bha Peadar aoigheil dha-rìreabh ris an iomadh duine a thadhladh air agus fialaidh ann a bhith a' toirt seachad na h-òrain a bh'aige don ath ghinealach de sheinneadairean. Bha meas mòr aig leithid Màiri Sìne NicLaomainn air, mar a dh'innis i agus i a' cuimhneachadh air aig cuirm aig Celtic Connections an Glaschu ann a 2013, agus tha ionndrainn mhòr air. Duine àrd, eireachdail, ciùin a bha na thlachd a bhith na chuideachd.

Chlàr Annella Nicleòid am prògram seo, as t-samhradh 2010, còmhla ri Seumas Watson agus Peadar Jack, na dhachaigh ann an Cùl Eilean na Nollaige. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More