Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,085 playable programmes from the BBC

Teant, Tion agus Eich

Eapasod 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for 10 months

'S iomadh prògram agus sreath phrògraman a riochdaich agus a lìbhrig Dòmhnall Camhsron sna bliadhnaichean mòra a bha e ag obair aig roinn na Gàidhlig sa BhBC 's aig Radio nan Gaidheal ann an Glaschu ach cha robh càil a b' fheàrr leis na faighinn a-mach am measg dhaoine agus gu h-àraid air a' bhlàr a-muigh na choimhearnsachd fhèin an Uibhist a Tuath. Mar chuimhneachan air Dòmhnall, a chaochail sa Lùnastal, tha sinn a' toirt cothrom eile dhuibh èisteachd ris an t-sreath sa a rinn e ann an 2010 nuair a chaidh e cuairt còmhla ri Cathy Laing dha na h-àitichean a tha sònraichte dhi fhèin agus dhan teaghlach aice ann an Uibhist a Tuath.

'S ann de theaghlach luchd-siubhail a tha Cathy, le freumhan ann a Siorrachd Pheairt agus san Apainn. Sa chiad phrògram cluinnidh sinn beagan mu eachdraidh an teaghlaich 's gu h-àraid mar a tha e cho cudromach dhi sgeulachd Phàdraig, a rugadh san Apainn, 's a bhean Hannah a chumail beò. Gheibh sinn blasad air cuid de na h-òrain 's na sgeulachdan a bha cho prìseil dhaibh agus cluinnidh sinn cuideachd mar a lorg i baile beag Bhoranais an Siorrachd Pheairt às na dh'fhalbh na daoine aice. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More