Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,210 playable programmes from the BBC

Darwin

A' coiseachd a' Sandwalk aig dachaigh Darwin

Duration: 50 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.

Tha Fionnalgh a seo a' coiseachd a' Sandwalk aig dachaigh Darwin, Down House; ceum a biodh e a' gabhail tric. Tha an saidhc-eòlaiche Dòmhnall Macleoid còmhla ris agus iad a' beachdachadh air cho diùid, socharach 's a bha e agus mar nach robh e ag iarraidh deasbad ach tro litrichean neo airson troimhe-chèile adhbhrachadh.

Tha e cuideachd a' bruidhinn ri Peter Arnott, a bha ag obair aig a John Murray Archive aig Leabharlann Nàiseanta na h-Alba, mun a' mhì-chinnt a bh' air Darwin mu On the Origin of Species fhoillseachadh.

Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd a rinn iar-ogha Charles Darwin, Ruth Patel, I made his Coffin Just the way he wanted it, all Rough. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More