Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
B' ann am baile beag Down ann an Kent a bha Darwin a' fuireach agus tha Fionnlagh a' coinneachadh ri Dòmhnall Ailih MacIllFhinnein aig Down House agus a' dol timcheall gach rùm a tha ag innse uimhir mun duine, mu obair agus mun teaghlach a bha cho prìseil dha. Show less