Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.
A seo tha Fionnlagh a' leantainn air le chòmhradh le Cathy Mary NicÌomhair aig Taisbeanadh am 'Big Idea' aig Taigh-tasgaidh Eachdraidh Nàdair ann an Lunnainn agus cuideachd a' bruidhinn ris an Dr Bob Bloomfield a tha ag obair aig an taigh-tasgaidh. Tha Fionnlagh is Cathy Mary a' toirt am beachd air a' chraobh iongantach aig Tania Kovats san taigh-tasgaidh.
Cuideachd tha Fionnalgh aig Oilthigh Chambridge far a bheil leabhar dhen chiad edition de On the Origin of Species aige na làimh, ach a thuilleadh air a sin b' ann le Alfred Russeell Wallace, a bha ag obair còmhla ri Darwin, a bha e. Show less