Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 280,381 playable programmes from the BBC

Darwin

Buaidh Alba air Charles Darwin

Duration: 50 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Available for years

Ann an 2009 bha Fionnlagh Macleòid a' comharrachadh gu robh 200 bliadhna bho rugadh Charles Darwin - eòlaiche air nàdair, clachan agus air bith-eòlas, a thug dhuinn a bheachd-smuain air mean-fhàs, evolution, san leabhar iomraiteach aige, On The Origin of Species, a thug e a-mach ann an 1859. Dh'atharraich Darwin mar a tha sinn a' tuigsinn an t-saoghail ann an dòigh a bha cha mhòr gu tur ùr na là. Anns an t-sreath seo tha Fionnlagh, a tha air beatha Darwin a rannsachadh, a' toirt thugainn dealbh mionaideach air an duine 's air obair.

Sa chiad phrògram tha Fionnlagh a' coimhead ri òige, gu h-àraid an ùine a chuir e seachad an Dùn Èideann 's tha e a' tadhal air Newhaven far na chuir Darwin mòran ùine seachad a' rannsacahdh nan cladaichean a sin. Cluinnidh sinn bhuaithe mun a' bhuaidh a bh' aig an luibh-eolaiche 's an t-Albannach Raibeart Grannd air.

Tha Fionnlagh cuideachd a' bruidhinn ri Murchadh Macleòid, fear togail dhealbhan, mun ùidh mhòr a bh' aig Darwin ann an aghaidh dhaoine agus cho cudromach 's a bha deilbh san obair sin. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More