Chan eil càil ùr no annasach ann an greis bheag de shìde fhuar mun àm seo dhen bhliadhna. Bhite a’ bruidhinn air “sneachda na Càisge” agus “sneachda nan uan”, agus chante “Cha tig fuachd gun tig Earrach.” Cuideachd bha “glasadh na cuthaige” agus “trì latha nan òisgean” ann. Ach bha co-dhiù aon obair ann a bha gu cinnteach a' seulachadh gu robh sinn a-steach do ràith ùr, agus b’ e sin cur a’ bhuntàta.
Cluinnear cuimhneachain air seann chleachdaidhean co-cheangailte ri cur a' bhuntàta, còmhla ri Flòraidh NicIlleathain agus Donnchadh Currie à Loch Baghasdal, Uibhist a Deas. Show less