Cuairt tro New Zealand còmhla ri Maureen Nicleòid air turas a ghabh i mar phàirt de chuairt mhòr timcheall an t-saoghail ann a 2008.
An-diugh tha Maureen air rathad a tha ainmeil airson a bhòidhchead air taobh an iar an Eilein a Deas eadar Westpoint, Greymouth agus Hokitika.
A' leantainn oirre air a' rathad, tha i a' stad ann a Franz Joseph, baile beag aig a bheil rud a tha a' tarraing na mìltean mòra gach bliadhna; airson fhaicinn ceart tha Maureen a' gabhail heileacoptair.
Tha i an uair sin a' stad aig Lake Matheson, a tha na sgàthan air na beanntan, nam measg Mount Cook.
'S nuair a tha i a' ruighinn Queenstown, tha i ag innse dhuinn gu bheil e ainmeil airson spòrsan dàna agus gur e a' chiad àite far na thòisich daoine a' dèanamh leum 'bungee' - an dùil am feuch i air? Show less