Cuairt tro New Zealand còmhla ri Maureen Nicleòid air turas a ghabh i mar phàirt de chuairt mhòr timcheall an t-saoghail ann a 2008. Tha Maureen a' tòiseachadh a turas ann an Christchurch san Eilean a Deas, agus a' tadhal air bailtean Nelson agus Kaikoura. Mar a thuigeas sibh, 's e dealbh air Christchurch mar a bha e mus do bhuail crith-thalmhainn mhòr am baile sa Ghearran 2011 a tha sinn a' faighinn bhuaipe.
Tha i a' siubhal fear air a bheil Wizard of New Zealand, a' toirt dhuinn eachdraidh bhòtaidh boireannaich na dùthcha agus beagn de dh'eachdraidh na Maori. Gheibh sinn a-mach bhuaipe carson a tha bailtean Nelson agus Kaikoura ainmeil agus tha i a' dol gu gailearaidh, World of Wearable Art. Show less