Anns an dà fhichead bliadhna bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd - a West Highland Way - 's iomadh duine a th' air a choiseachd. 'S b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra dhuinne airson na ceithir fichead 's a sia mìle deug a choiseachd ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. 'S e 'n-diugh à' là mòr, a' là mu dheireadh, 's an ceann-uidhe air fàire. Show less