Anns an dà fhichead bliadhna bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - 's iomadh duine a th' air a choiseachd ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air a' chòigeamh latha, agus Christine air tilleadh agus i a' faireachdainn beagan nas fheàrr. An-diugh tha iad a' cur cùl ri Drochaid Urchaidh, a' stad an Inhbir Dhòbhrainn agus mu dheireadh a' dèanamh air Taigh a' Rìgh. Show less