Anns an dà fhichead bliadhna bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - 's iomadh duine a th' air a choiseachd ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air a' cheathramh latha, agus Christine air am fàgail 's an cnatan oirre ach tha Ailean agus Joan air an oidhche a chuir seachad anns a' Chrìon Làraich, agus Taigh an Droma agus Drochaid Urchaidh romhpa an-diugh. Show less