Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 281,534 playable programmes from the BBC

Muileann gu Gearasdan

Episode 2: An dàrna là a' coiseachd Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha dà fhichead bliadhna air a' mhìos sa bho dh'fhosgail Slighe Taobh an Iar na Gàidhealtachd - a West Highland Way - agus 's iomadh duine a th' air a choiseachd bhon uairsin ged a b' ann le grian a sgàineadh nan creag, le deàrrsach ùisge a' gabhail dhaibh neo leis a' chuileag-bheag. Tha 96 mìle bho Mhuileann Dhaibhidh chun a' Ghearastan agus b’ ann aig toiseach na Sultain 2008 a thog Ailean Dòmhnallach, Christine Nic an t-Saoir agus Joan Chuimeanach orra airson a choiseachd bho cheann gu ceann ann a Muileann gu Gearasdan. Air an t-slighe tha sinn a' faighinn a-mach mu na craobhan, na h-eòin agus an fhiadh-bheatha a tha ri fhaicinn agus cuideachd mu eachdraidh na sgìre. Seo iad air an dàrna là a' coiseachd bho Druiminn gu Rubha Àird Eònain. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More