Cia mheud Dòmhnall air a bheil sibhse eòlach? 'S iomadh dreach a th' air- Dòmhnall Iain, is Dòmhnall Alasdair, Dòmhnall Aonghas is Dòmhnall Ruairidh. A bharrachd air an sin tha am fear mòr is am fear beag, am fear dubh is am fear ruadh ann agus gun dìochuimhn' a dhèanamh air na caileagan a chaidh an ainmeachadh às dèidh an seanair, bràthair am màthar neo an athar - Dolina is Donalda, Donella is Donna. Tha sinn a' coinneachadh ri cuid dhiubh sin anns a' phrogram seo. Show less