Ann an 2007 ghabh Maureen NicLeòid an turas trèana ainmeil eadar a' Ruis agus Sìona, air an Trans-Mongolian Railway. Dh'fhalbh i à Moscow agus i a' dèanamh air Beijing, a' stad ann an iomadach àit' air an t-slighe, agus shiubhail i 9000 cilemeatair ann a naoi là deug, le seachd là dhen a sin air an trèana. Na cois, thug i leatha inneal-clàraidh airson cuimhne a chumail air a turas. Choinnich i luchd-turais às a h-uile ceàrnaidh dhen t-saoghal agus chunnaic i seallaidhean iongantach . A seo tha i a' tarraing dealbh dhuinn air na chunnaic, na chuala, na bhlais i agus na dh'fhairich i air a cuairt.
'S ann am baile Ulan Bator, prìomh-bhaile Mongolia, le a toglaichean Sòibhiatach agus ìomhaighean Genghis Khan a tha Maureen a' tòiseachadh a' phrògram mu dheireadh den t-sreath. Tha i duilich 's i a' fàgail Mongolia ach tha seallaidhean Fàsach Gobi roimhpe. Mu dheireadh tha i ruighinn crìochan Shìona agus tha i a' dealachadh rinn mu leth-uair a thìde a-mach à Beijing agus i a' coimhead air ais air a turas shònraichte. Show less