Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 279,596 playable programmes from the BBC

Dùthaich nan Craobh

Episode 3: Gort, Uath, Iubhar agus Luis

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

'S e 2020 Bliadhna nan Craobh agus tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobhan na Gàidhealtachd. Ma bheir sibh sùil air còmhdach faclair Èideard Dwelly, chì sibh dealbh de chraobhan agus iad a' dol mar seo - ailm, beithe, coll, dair, eadha, feàrna, gort, uath, iogh, luis, muin, nui'S e 2020 Bliadhna nan Craobh a tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobh na Gàidhealtachd. onn, beithe bhog, ruis, suil, teine agus ur. Tha na craobhan a' comharrachadh litrichean na h-aibidil sa Ghàidhlig, a' sealltainn cho cudromach 's a tha craobhan do na Gàidheil.

A seo tha Dòmhnall Dòmhnallach bho ionad Àrois am Port Rìgh dhar toirt cuairt timcheall coille na h-aibidil a th' aca a sin agus a' coimhead ri craobhan gort, uath, iubhar agus luis ( neo caoran ). Cluinnidh sinn bhon Dr Iain MacAonghais mu na creideasan a bh' aig daoine anns an iubhar agus tha Anna Latharna NicIllÌosa a' coimhead ris an àite a th' aig craobhan anns a' bhàrdachd Hallaig aig Somhairle MacGill-Eain agus mun umhail a chur na Hiortaich air craobhan an dèìdh dhaibh an t-eilean fhàgail. Tha an Canèidianach, Rob Dunbar ag innse cho duilich 's a bha e do Ghàidheil a thàinig às na h-eileanan gabhail ris a' choille 'ghruamaich' ann an Dùthaich nan Craobh agus a' mìneachadh dè bh' anns a' Choille Dhubh am measg rudan eile. Tha am bàrd Aonghas MacNeacail ag innse mun phròiseact bàrdachd aige a tha a' cleachdadh na h-aibidil agus a' bruidhinn an t-seachdain sa air an iubhar agus air a' chaoran. Tha sin agus sean-fhacail, bàrdachd agus òrain ri chluinntinn.

Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach ann an 2008. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More