'S e 2020 Bliadhna nan Craobh agus tha sinn dha chomharrachadh le sreath a tha a' toirt sùil air craobhan na Gàidhealtachd. Ma bheir sibh sùil air còmhdach faclair Èideard Dwelly, chì sibh dealbh de chraobhan agus iad a' dol mar seo - ailm, beithe, coll, dair, eadha, feàrna, gort, uath, iogh, luis, muin, nuin, onn, beithe bhog, ruis, suil, teine agus ur. Tha na craobhan a' comharrachadh litrichean na h-aibidil sa Ghàidhlig, a' sealltainn cho cudromach 's a tha craobhan do na Gàidheil.
A seo tha sinn a' toirt sùil air a' cheangal a tha sin leis an Dr Iain MacAonghais agus Anna Latharna NicIllÌosa a' coimhead ris an àite a th' aca sa bhàrdachd againn. Tha am bàrd Aonghas MacNeacail ag innse mun phròiseact bàrdachd aige a tha a' cleachdadh na h-aibidil agus e gu h-àraid a' togail an t-seachdain sa air craobhan daraich, eadha ( neo critheann ) agus feàrn. Tha Dòmhnall Dòmhnallach bho ionad Àrois am Port Rìgh dhar toirt cuairt timcheall coille na h-aibidil a th' aca a sin 's e a' coimhead ris na trì craobhan sin agus tha Iain Friseal a' mìneachadh mar a tha iad a' nochdadh tric ann an ainmean àitichean. Tha Seonaidh MacAmhlaigh à Fleòideabhagh sna Hearadh ag innse mar a tha e fhèin a' togail bhàtaichean fiodha. Tha sin agus sean-fhacail agus pìosan bàrdachd ri chluinntinn.
Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach ann an 2008. Show less