Cuairt Alasdair MhicIlleMhìcheil còmhla ri Dòmhnall Uilleam Stiùbhart.
Tha Dòmhnall Uilleam fhathast ann an Uibhist a Deas far an do thog Alasdair còrr agus ceithir cheud loidhne den Tàladh Mhuideartaich bho Dhòmhnall Dòmhnallach, Snaoiseabhal - balach beag nach robh ach sia bliadhna a dh'aois aig an Fhèill Mhìcheil mu dheireadh!
Cuideachd anns a' phrògram seo thèid sinn nas fhaide deas gu ruige Eilean Mhiùghalaigh far an do thog Alasdair dà sgeulachd iongantach - Slochd na Bèist agus Nighean Rìgh na Spàinn bho Ruairidh MacNèill no Ruairidh Dhòmhaill. Show less