Programme Index

Discover 11,128,835 listings and 282,220 playable programmes from the BBC

Cuairt Mu Bharraigh

Episode 1

Duration: 30 minutes

First broadcast: on BBC Radio nan GàidhealLatest broadcast: on BBC Radio nan Gàidheal

Tha Calum MacNèill (Calum a' Chal) agus Dòmhnall MacIllEathain (Dòmhnall Lach) gar toirt cuairt timcheall eilean an àraich, Eilean Bharraigh. Anns a' chiad phrògram tha iad a' seòladh air caolas Bharraigh agus a' tadhail air na h-eileanan an ear-thuath air Barraigh. Cluinnidh sibh mu eachdraidh nan eileanan sin, far am b'àbhaist sluagh mòr a bhith fuireach ach far nach eil ri fhaicinn an-diugh ach làrach nan tobhtaichean, caoraich agus eunlaith an adhair. Am measg nan eilean air a bheil iad a' tadhail agus a' toirt iomradh tha Theiliseigh agus Gioghaigh, neo na h-Eileanan Fudach.
Tha eachdraidh inntinneach aig na h-eileanan agus iad a' faighinn beòshlàint bho obair an iasgaich, beòshlàint a bha gu math soirbheachail aig an àm agus a bha a' tàladh luchd-reic bho àiteachan cho fad às ris na h-eileanan Baltic. Dh'fhuiling na h-eileanan seo gu mòr ri linn nam fuadaichean.
Tha Calum gu math fiosraichte mun eachdraidh agus cuideachd mun dualchas agus cluinnidh sibh cuideachd carson nach d' thàinig an sgiobair air tìr an-diugh agus mar a bha Calum a' cumail sùil gu math geur air a chùlaibh.
Tha Calum agus Dòmhnall a' crìochnachadh an turas sa phrògram seo ann am baile Eòlaigearraidh. Show less

About this data

This data is drawn from the data stream that informs BBC's iPlayer and Sounds. The information shows what was scheduled to be broadcast, meaning it was/is subject to change and may not be accurate. More